0281c Gwefan Cymru-Catalonia (Gal·les-Catalunya): conte en
gaèlic amb traducció literal catalana - Un dia quan Fionn, el fill de Cumhal
[ku-øl], i la resta de la colla eren a la muntanya de la caça, va començar a
nevar
http://www.theuniversityofjoandeserrallonga.com/kimro/amryw/1_gaidhlig/skota_tigh_a_bhlair-bhuidhe_0281c.htm
0001z Yr Hafan / Pàgina inicial
..........1861c
Y Fynedfa yn Gatalaneg / Entrada en
català
....................0008c Y Barthlen / Mapa de la web
.................................0120c Gaeleg
/ Gàidhlig, la llengua escocesa
...............................................y tudalen hwn
|
Gwefan Cymru-Catalonia |
|
xxxx Y tudalen hwn yn Gymraeg
(ddim ar gael eto)
x xxx This page in English
(no link yet)
0006c
Mynegai i’r wefan / Índex d’aquesta web / Index to this website
Conte escrit per Donald
C Macpherson, Edinburgh, que el va apendre de la seva àvia; publicat a la
'Revue Celtica' al 1870. Aquesta versió fou treta de una reimpressió del 1949
per James Maclaren. Fionn Mac Cumhail ('blanc', fill de Cumhal), cap d'una
colla de guerrers heroics, és el protagonista de moltes balades heroïques en
irlandès i escocès.
________________________________________________________
La dh’an robh Fionn Mac
Cumhail agus a’ chuid eile den Fheinn anns a’ bheinn-seilig, dh’èirich cur agus
cathadh; agus mun d’fhuair ias an t´sealg a chur cruinn, thànig a t.anmoch
orra.
Un dia quan Fionn,
el fill de Cumhal [ku-øl], i la resta de la colla eren a la muntanya de la
caça, va començar a nevar i (la neu a) apilotar-se; i abans que no puguessin
aplegar la cacera, va venir el vespre (sobre ells).
Sgìth, airtneulach, mar
a bha iad, thog iad orra gu tearnadh gu baile. Mar a bha iad a
gabhail air an aghart gu trom, athaiseach, thànig iad air bothan fàs am bràighe
glinne, agus ghabh iad gu tàmh ann.
Cansats i baldats
com eren, els van posar a sobre per descendre cap a casa. Quan anaven endavant
pesadament i lentament, van venir a una caseta deserta al capdamunt de la vall,
i s'hi van descansar.
Dh’fhadaidh iad teine,
agus chaidh na gillean air sùrd grèidhidh, agus gus am biodh an eanraich
ullamh, thòisich iad air iomairt nan còrn agus air seanachas mun àm bho shean.
Van encendre un foc
i es van posar ràpidament a cuinar, i fins que la sopa de carn estigués a punt,
van començar a ocupar-se dels corns de beure i de conversa dels vells temps.
Chuir cuimhne air cliù
an sinnsirean togail fothpa mar a b’àbhaist; agus thubhairt iad uile
cruinn-còmhla, gum b’e mo thruaighe duine no beathach a thigead a chur dragh
air an Fheinn an oidhche sin, no a theannadh ri tàir a thoirt do dh’ Fhionn.
La memòria de la
fama dels avantpassats els van estimular, com sempre; i van dir tots plegats
que quedaria desgraciada qualsevol persona o bèstia que vingués per molestar la
Colla aquella nit, o que vingués per menysprear-la.
An teis-meadhoin na bruidhne seo, thigear maigheach chaol, ruadh
a-stigh, agus gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dha dhi air a’ chagailt,
agus togar an luath mu na sparran; agus thugtha a-mach oirre.
Al mig d'aquesta conversa,
entra una llebre prima, vermella, i sense por, sense fer-se cas, es gira una
vegada o dues a la llar, i fa pujar els cendres fins les bigues, i surt.
Ma thug, cha deachaidh
sin air mhi-thapadh dhaibhsan - thug iad duibh-leum a-mach as a deaghaidh; ach
chaidh iad ‘nam brath-cheò mòr le dorchadas a thàinig orra agus nach bu lèir
dhaibh a chèile.
Si va sortir, no els
faltava una resposta - van saltar fora darrere seu; però es van quedar
perplexos a causa de la foscor que els va caure; i no es veien.
Lean Fionn agus a dha ghille dheug i, a bhun ‘s a lorg, thar gualainn a’
ghlinne agus cha do chaill iad sealladh oirre gus an do leum i a-stigh air
sgùid de thigh ùdlaidh a thachair orra aig bun sithein
Fionn i els seus
dotze joves la van perseguir àvidament ('d'arrel i de rastre'), a través del
llom de la vall i no la va perdre de vista fins que va saltar dins un racó
d'una casa aillada fins la qual van arribar al peu d'un turó de fades.
Gu de an tigh a bha an seo ach tigh a’ Blàir-Bhuidhe, famhair a bha a’
tighinn beò air turic-nimhe agus air feoil dhaoine. Rachar a-stigh agus gabhar
sgeul, ach cha d’fhuaras forfhais air a’ mhaighich.
Quina era aquesta
casa sinó la casa de Blàr-Buidhe, un gegant que vivia de la carn dels porcs
senglars i dels homes. Entren i observen ('agafen conte'), però no troben
informació sobre la llebre,
Cha robh a-stigh ach a’ bhean agus i a’ fuineadh; cha d’thàinig am
Blàr-Buidhe dhachaidh as ‘a bheinn-sheilg. Thug i biadh agus deoch dhaibh; agus
thubhairt i gum b’fhearr dhaibh a-nis a bhi a’ falbh mun tigeadh am Blàr-Buidhe
dhachaidh.
Apart de la dona que
estava funyant, no hi havia ningú més a dins; el Blàr-Buidhe no havia tornat de
la muntanya de la caça. Els va donar de menjar i de beure, agus els va dir que
més valdria marxar ara abans que no tornés a casa el Blàr-Buidhe.
Thubhairt Fionn nach do theich iad roimh dhuine riamh, agus nach deanadh
iad toiseach den Bhlàr; agus theann iad ni b’fhaide a-stigh. "Feith ri a dheireadh," ars a’
bhean.
Fionn va dir que no
havien fugit mai de cap home, i no començarien amb el Blàr. "Espereu
l'acabament," diu la dona
Mar a thabhairt,
b’fhìor; cha d’fhuair iad iad fhèin a shocrachadh ach gann, tra a dh’fhairich
iad stùirn- stàirn aig an dorus. Cò a bha’n sud
ach am Blàr-Buidhe agus a ghillean, is torc-nimhe mòr, fiaclach aige-san air a
mhuin.
Com va dir, va ser
la veritat. Tot just es havien posat a descansar, que van sentir puntada-potada
a la porta. Era ni més ni menys que el Blàr-Buidhe i els seus joves, amb un
gran senglar ullalat a l'esquena
Thug e crathadh beag mòr air fèin a chur an t-sneachda dheth, agus chuir
e crith fon ursainn is fo shuidheachan an tighe!. "Tha mi a’ faireachdainn
fàilidh fharbhalach romham, a bhean, cò seo a th’ agad an-nochd?" ars am
Blàr.
Es va donar una
sacsejada petita-gran per treure la neu; i va sacsejar el muntant de la porta i
el pilar del sostre de la casa. 'Sento la pudor d'estrangers, dona, qui tens
aquesta nit?"
Dh’innis a’ bhean na
h-aoidhean a thàinig air choimheadachd oirre bhon a dh’fhalbh e. "A-mach
do ghillean, Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhìom," ars am Blàr. Cha
d’thug Fionn an t-euradh do dhuine riamh, agus cuirear sianar dhuibh a-mach far
an robh an Blàr.
La dona (li) va
informar (de)ls visitants que havien vingut per veure-la des de que havia
sortit. "(Envia) fora els teus joves, Fionn, per treure'm la
càrrega," diu el Blàr. Fionn no negava mai cap home, i envia sis dels
joves al lloc on era el Blàr.
Mun gann a bha iad seach an stairsneach bhuail am Blàr
slat-na-draoidheach orra, is bha iad ‘nan cuilbh-chloiche; agus chuir e air
taobh tuath an doruis iad a chur stad air a’ ghaoith-dheathaich.
Tot just havien
ells passat el llindar que el Blàr els va donar un cop de la vareta màgica
sobre ells, i eren columnes de pedre; i els va posar al costat esquerre de la
porta per acabar amb el vent del fum.
(30% del conte amb
traducció literal)
la resta encara
sense traducció literal:
Dh’fhag e an-sin iad; is thug e fhèin ‘s a ghillean a-stigh an torc.
Cha d’fhuirich iad ach ri robladh lomaidh a thoirt air, is chuir a’ bhean
air e anns a’ choire-mhòir - ‘na chlosaich mar a bha e. Mun d’fhuair e ach goil
is leth-ghoil, sparr am Blàr bior-na-feòla ann, is bha sud aige air an ùrlar,
agus gun tuilleadh dàlach shuidh e fhèin ‘a a ghillean mun cuairt air.
Gach cnaimh mar a chriomadh iad thilgeadh iad sud gu Fionn is gu a
ghillean. B’olc ‘a bhiadhtachd e, ach cha robh comas air. Bha Fionn ‘na thosd
is ‘na chuimhne, agus b’ion da sin. An uair a bha ‘n ròic tharais, ‘s cha b’fhada
chuige, dh’iarr am Blàr.Buidhe an t-ubhal òir a thoirt a-nuas gus an oidhche
fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn.
Thug i (a’ bhean) a-nuas an t-ubhal ‘s thug i dhà e. Thòisich iad air a
chèile leis an ubhal, is ma thòisich, cha b’fhada gus an do chuir am Blàr as
do’n iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Blàr nach deanadh e an gnothach air
Fionn fhèin leis an ubhal, ‘s thubhairt e gum feumadh iad dol a ghleachd.
An dromannan a chèile gabhar iad, ach ged a bhitheadh iad fhathasd ag
gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra chunnaic am Blàr gun do
thachair a sheise ris, dh’iarr e air a mhnaoi a’ ghreideal a chur air gus an
rachadh casan Fhinn a gharadh, gur cinnteach gun robh e fuar ‘s an oidhche
chruaidh reòdhta a bh’ann.
Dh’iadh iad uile mu Fionn (sin tra a thubhairt e, "Cha duine duine
‘na aonar,") agus sparr iad air a’ ghreidil e, gus an do loisg a chasan gu
ruig na sleisdean. Bha Fionn a-nis gun chomas suidhe.
Leig am Blàr rochd gàire as, agus sparr e stob-na-feòla troimh a dha shliasaid,
is bha e an-sin gun chomas èiridh no suidhe.
Shaoil leis a’ Bhlàr gun robh e gun phlosg analach, is thilg e seachad
anns a’ chùil e. Cha robh Fionn riamh roimhe an gailc a bu mhò na sea, ach an
uair sa bha e eadar an t-euradh ‘s an aimbeairt; agus cuimhnichear e gun robh
còrn-nam-fiùbh air, is gun cluinnteadh e ann an còig còigeamhan na h-Eireann.
An uair a ghabh an tigh gu fois, mhàgair e a-mach gu dubh balbh sàmhach
gu mullach cnuic is shèid e an còrn trì uairean. Fad an ama seo, bha a’ chuid
eile den Fheinn gu dubhach, deurach air tòir Fhinn. Cha d’fhàg iad cùil no cial
gun sireadh, is iarraidh-mharbh aca air.
Mu dheireadh thall an uair a thug iad geill is dubhgheill, chuala
Diarmad Donn, mac a pheathar, an còrn, is ma chuala, cha bu rachadh gun
fhreagairt. Bha fios aige gur a h-èiginn-bàis a
bheireadh air Fionn an còrn a shèideadh. Thuig e gun robh an gnothach gu h-olc,
is thug e bòid is briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thar
anail gus an còbhradh e air bràthair a mhàthair.
Thog e air, e fhèin ‘s a ghillean, is bu cham gach dìreach leotha thar
chnoc is shloc, agus ge b’fhada bhuapa e, cha b’fhada ‘ga ruighinn iad. Fhuair
iad Fionn ‘na dheoiridh truagh, gun chomas èiridh no suidhe am fasgadh tuim.
Dh’fharraid Diarmad dheth ciod a dh’fhairich e. "Is coma sin,"
arsa Fionn, is dh’innis e dha gach car mar a thachair, mar a mharbh am
Blàr-Buidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhèin bhuaidh; is
chomhairlich e dha-san tilleadh dhachaidh mun èireadh an cleas ceudna dha - gun
robh esan mar a bhitheadh e, co dhiubh.
Bhòidich is bhriathraich Diarmad nach tilleadh e gus an d’thugadh e a
-mach an aichmheil, is gun tuilleadh a ràdh thug e tigh a Bhlàir-Bhuidhe air.
Cha robh a-stigh ach a’ bhean agus i a’ fuireadh. Thug i biadh is deoch dhaibh
is ghabh i an sgeul.
Dh’innis i dhaibh gun robh am Blàr-Buidhe anns a’ bheinn-sheilg, is gum
bh’fhearr dhaibh a bhi a’ falbh mun tigeadh e dhachaidh mun èireadh mar a
dh’èirich do dh’Fhionn.
"A roghainn biodh dha," arsa Diarmad., "ach chan fhalbh
sinn gus an toir sinn a-machan aichmeil," is shuidh iad
a-stigh. "Feith ri a dheireadh, ma ta," ars’ ise.
Cha robh iad ach goirid mar sin tra dh’fharaich iad stùirn-stàirn aig an
doras. Co bha an-siud ach am Blàr ‘s a ghillean, is torc-nimhe mòr fiaclach
aige air a mhuin. Thug e togail bheag mhòr air fhèin a chrathadh anan
t-sneachda dheth, agus chuir e crith fon ùrsainn is fo shuidheachan an tighe.
Ghaodh e, "Tha mi faireachdainn fàilidh fharbhalach romham, a’
bhean, cò seo a th’ agad a-nochd?" "A-mach do ghillean, a’ Dhiarmaid,
a thoirt dhiom na h-eallaiche," ars’ am Blàr. Leum Diarmad e fhèin a-mach;
agus mun d’fhairich am Blàr thall no bhos e, mharbh e an darna leth de a
ghillean agus chuir e turraich air tharraich iad, air taobh deas an dorais mu
choinneamh ghillean Fhinn.
"Is olc an t-aoidh thu," ars’ am Blàr. "Mur faic thu nas
miosa na siud dhiom, mun tig an latha, na bi a’ gearan," arsa Diarmad, is
gun tuilleadh bruidhne, thug e a-stigh an torc. Ghrèidh iad an torc gu math
agus gu ro-mhath, is ghabh e fhèin ‘a a ghillean an leòir dheth. Gach cnaimh
mar a liomadh iad, thilgeadh iad siud don Bhlàr ‘s d’a ghillean.
"Is olc an t-aoidh thu," ars’ am Blàr. "Mur faic thu nas
miosa na siud dhiom, mun tig an latha, na bi a’ gearan," arsa Diarmad, is
dh’iarr e an t-ubhal a thoirt a-nuas gus an oidhche fhada gheamhreaidh a chur
seachad air a’ Bhlàr-Bhuidhe. Thug a’ bhean
a-nuas an t-ubhal agus thòisich an cleas. Air a’ cheud tilgeadh a thug Diarmad
don ubhal, mharbh e dithis de na bha air làimh dheis a’ Bhlàir.
"Is olc an t-aoidh thu," ars’ am Blàr. "Mur faic thu nas miosa na siud
dhiom, mun tig an latha, na bi a’ gearan," arsa Diarmad. Thig
am Blàr air ais an t-ubhal ach cha do rinn e dochunn sam bith air gillean
Dhiarmaid. Thuf Diarmad an t-ath-thilgeadh don ubhal is mharbh e dithis de na
bha air làimh chli a’ Bhlàir, agus mar sin, gus an do mharbh e am fear mu
dheireadh dhiubh, is am Blàr gun aon tàmh ag ràdh, "Is olc an t-aoidh
thu," agus a amhail sin, Diarmad ‘ga fhreagairt, "Mur faic thu nas
miosa na siud dhiom, mun tig an latha, na bi a’ gearan."
An uair a bha iad sgith de chluich an ubhal-òir, thubhairt Diarmad ris
a’ Bhlàr, gum b’fhearr dhaibh dol a chur cuir-gleachd, agus ma chaidh, cha robh
an gleachd fada air chumail, an uiar a bha am Blàr air claiseach a dhroma air
leacan loma an ùrlair.
"Is olc an t-aoidh thu," ars’ am Blàr, is thug e cnead ghointe
as. "Mur faic thu nas miosa na siud dhiom, mun tig an latha, na bi a’
gearan," arsa Diarmad, is dh’iarr e air an mhnaoi a’ ghreideal a chur air,
gus an rachadh casan a’ Bhlàir a gharadh; gur cinnteach gun robh e fuar an
dèigh tighinn dachaidh as a’ bheinn-sheilg.
Chaidh a’ ghreideal a dheanamh dearg; is thug Diarmad togail don Bhlàr,
is bha siud ‘na sgug buidhe air a’ ghreidil. "Oiteag, oit, oit," ars’
am Blàr. "Gabh air do shocair e," arsa Diarmad, "creinidh do
cnaimhnean buidhe air mun cobhair mise ort," is chum e air a’ ghreidil e,
gus an do loisg a chasan gu ruig na sleisdean.
Bha am Blàr a-nis gun chomas suidhe, agus ghrad-sparr Diarmad
stob-na-feòla troimhe, is bha e an-sin gun chomas èirigh no suidhe, is thilg
air a shlisnich anss a’ chùil e. Tra a bha iad seachd sgìth ag èisdeachd
oiteagail a’ Bhlàir, rug Diarmad air sprogan air is thuirt e, "Am bàs air
do mhuin, a’ bhodaich. ciod e d’èiric? Is tog dhinn brìgh do chluich."
"Oiteag, oit, oit," ars’ am Blàr. "Chan eil a dh’èiric
agamsa ach cuach ioc-shlaint a tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i
Fionn." An uair a chuala Diarmad mun chuaich cha d’fhuirich e ri tuilleadh
chumhlaidean iarraidh; bu fo fhada leis a bha bhràthair a mhàthar ‘na chuaradh
aig bun an tuim, is chaidh e don uamha.
Thugar a cheud làmh air a’ chaich is buailear leatha gu Fionn, is
ionnlaidear a chreuchdan leatha tri uirean. A’ cheud uair dh’fhàs a chasdan gu
ruig na glúinean; an darna uair, dh’fhàs iad gu ruig na h-aobrainn, is an treas
uair, bha Fionn gun chron, gun chiothram, cho beo slàn ‘s a bha e riamh!
Rinn aon bhoiseag de dh’uisge na cuaiche greasan nan gillean a
bhristeadh, is thug e am Blàr air. "A chulaidh-thruais," arsa Diarmad
ris, "bòidich nach iomair thu tuilleadh de gheasan no de chleasan air an
Fheinn." Bhòidich am Blàr siud is iomadh rud eile a bharrachd, is thug
Diarmad gu suairce dha fèin is da ghillean an diol a dh’uisge na cuaiche is
ghabh iad an cead de a chèile.
A dheanamh sgeula goirid dheth, lean a' chuach ris an
Fheinn, is dh'fhàg mise aca i.
·····
Ble’r wÿf i? Yr ÿch chi’n ymwéld ag un o dudalennau’r Gwefan
"CYMRU-CATALONIA"
On sóc? Esteu visitant una pàgina de la Web "CYMRU-CATALONIA" (=
Gal·les-Catalunya)
Where am I? You are visiting a
page from the "CYMRU-CATALONIA" (= Wales-Catalonia) Website
Weø(r) àm ai? Yuu àa(r) vízïting ø peij fròm dhø "CYMRU-CATALONIA" (=
Weilz-Katølóuniø) Wébsait
CYMRU-CATALONIA
diwedd / fi